Chan eil dearbh-aithne aig iodalan

Additional Info

  • Ainm: Chan eil dearbh-aithne aig iodalan
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Leughadh, sgrìobhadh, labhairt, èisteachd
  • Ùine: 3x45 mionaidean
  • Cànan amais: Beurla no cànan sam bith
  • Goireasean TFC:
  • Comansan TFC: • Cleachd Bubblus (https//bubbl.us) gus gear-thuairisgeul de ghaisgeach a thogail • Dèan farpais-cheist air Google Drive • Ag ionnsachadh mu chruthachadh leabhraichean digiteach • Cleachd Amara (http://www.amara.org/el) gus fo-thiotalan a chur ris a’ bhideo
  • Suidheachadh / tèama(n): Gaisgeach ann am beatha àbhaisteach
  • ‘S urrainn dhomh…:
    • Tuairisgeul de thachartasan agus faireachdainn ann an gear-chunntasan pearsanta a thuigsinn
    • Rosgrann co-cheangaile simplidh a sgrìobhahd mu chuspairean aig a bheil mi eòlach
    • Tachartasan agus faireachdainn ann an ùine a chaidh seachadh a mhìneachadh
    • Prìomh puingean de bhideo a thuigsinn
    • Beachdan agus mìneachadh a thoirt seachad
    • Tuairisgeul a thoirt air stoiridh ann an bhideo agus mo bheachdan a thoirt seachad
    • Bruidhinn gun ullachadh ro-làimh mu chuspairean aig a bheil ùidh agam gu pearsanta no a’ buinneas gu beatha àbhaisteach
  • Toradh: A’ cruthachadh leabhar digiteach A’ sgrìobhadh fo-thiotalan airson gach dealbh
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    Gus an leasan seo a dhèanamh tha feum air IWB cho math ri coimpiutairean no tablaidean airson gach neach-ionnsachaidh gus am faod iad am bather-bog a tha saor an asgaidh a chleachadh.

    Tha e coltach gum feum an luchd-ionnsachaidh cunntas a chruthachadh gus am bather-bog seo a chleachdadh

  • Modh-obrachaidh:

    Obair ullachaidh

    Obair 1

    Taghaidh oileanaich cuideigin aig a bheil meas orra agus bruidhnidh iad mun fheartan aca

    Obair 2

    Bidh an tidsear a’ taisbenadh duilleag PPT le taghadh de dhaoine ainmeil ann an taighean-tasgaidh cèir – m.e. Madama Tussaidh’s – le cuideigin gaisgeach nam measg, agus thèid faighneachd dhan na h-oileanaich ainmeachadh agus an cliù agus feartan aca a mhìneachadh agus iomradh a htoirt air feartan sònraichte a’ gaisgich. Mar eisimpleir:

    Seall air na dealbhan de fhigearan cèir ann an Taigh Taisgaidh Madame Tussaud’s ann an Lunnainn agus obraich le cuideigin eile gus na na ceistean a leanas a fhreagairt:

    Ceistean

    1. A bheil sibh eòlach air na daoine seo?
    2. Dè na h-ainmeanan a th’ orra?
    3. Dè an obair a th’ aca?
    4. Cò dh’fhaoidte comharrachadh mar ghaisgeach? Carson?
    5. Am b’urrainn dhuibh an diofar eadar gaisgeach agus iodhalan ?

    Obair 3

    Bruth air: http://news.bbc.co.uk/cbbcnews/hi/newsid_9000000/newsid_9001500/9001539.stm airson tuairisgeul aig sgoilearan ann am Breatain a thaobh iodhalan. Dè na beachdan as fhèarr leibh?

    Lìon an clàr seo leis an fhiosrachadh cheart

    Ainm a’ clann Aois Baile / Dùthaich Mìneachadh de ghaiseach
           
           
           
           

    Obair 4

    Ann am buidhnean beaga sgrìobh 3 – 5 prìomh fheartan de iodhan (buadhairean no abairtean goirid ann am faidhle Word) Tagh buidheann eile agus cuir na beachdan agaibh ri chèile ann an Bubblus (http://bubbl.us) agus seall dhan chlas an ìomhaigh de X a’ cleachdadh nam beachdan agaibh fhèin cho math ri beachdan a’ bhuidheann eile. Dèan coimeas eadar na beachdan seo agus beachdan buidhnean eile. Luachdadh a-nuas ur beachdan air Padlet.

    Seo eisimpleir de Padlet:

    Cearcall-obair

    Obair 5

    Coimhead air am fiols seo air YouTube (https://www.youtube.com/watch?v=hRMcPJrWm-g) agus cuir a-steach am fiosrachadh a tha a dhìth air Google drive:

    https://docs.google.com/forms/d/1bL9VfqjfJKDs6WD5O-2KwkBTNIsdk1tRKOouk4RLfCg/viewform

    Obair 6

    Còmhla ri cuideigin eil lìon na beàrnan anns a’ chlàr seo:

    Na h-iodhanan An cunnart The heroic action
         

    Obair 7

    Thèid ann am buidhnean. Tagh aon de na seann charactaran bhon fhiolm goirid. Cleachd Storybird (http://storybird.com) gus leabhar-d suas gu 10 duilleagan le cuimhnichean pearsanta den chiad choinneamh nan òige a chruthachadh.

    No faodaidh sibh an sgeulachd sgrìobhadh ann am Word, ga atharrachadh gu cruth pdf agus a’ cleachdadh Flipsnack (http://www.flipsnack.com)gus atharrachadh gu leabhar-flipeadh .Luchdaich a-nuas e gu Padlet. Cuimhnich tiotal inntinneach, aimn an ùghdair agus dealbhan a chur ris an sgeulachd agad. Cuimhnich cuideachd an sgeulachd innse mar bodach no cailleach

    Fòcas cànain

    Obair 8

    Cleachd Wordle (http://www.wordle.net) no Tagul (http://tagul.com) agus cleachd buadhairean gus feartean iodhanan òg anns an fhiolm a mhìneachadh

    Obair 9

    Dè na beachdan aig na caractaran ann am fiolm? Dè tha iad ag ràdh. Leis an co-obraiche no ann am buidhnean, cleachd Windows Live Maker no Amara (http://www.amara.org/el) gus 20 fo-thiotalan a chur ri pàirtean eadar-dhealiachte den fhiolm gus briathrachas no beachdan nan caractaran a mhìneachadh. Dèan coimeas eadar fo-thiotalan a’ bhuidhinn agaibh agus buidhnean eile

  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Chan eil dreuchdan sònraichte aig na h-oileanaich, ag obair ann an paidhrichean no buidhnean
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Tha an obair ann an cearcall focus cànain seo ag obair gus fiosrachadh ùr a dhaingeachadh

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Tha na h-oileanaich soirbheachail nuair a ruigeas iad toradh leasain a’ cleachdadh nan goireasan TFC. Faodaidh tidsearan a thoirt foirmichean fèin-luachadh dha na h-oileanaich gus dèanamh cinnteach gu bheil iad air measadh CEFR airson an leasan seo a ruigsinn:

    • Tuairisgeul de thachartasan agus faireachdainn ann an gear-chunntasan pearsanta a thuigsinn
    • Rosgrann co-cheangaile simplidh a sgrìobhahd mu chuspairean aig a bheil mi eòlach
    • Tachartasan agus faireachdainn ann an ùine a chaidh seachadh a mhìneachadh
    • Prìomh puingean de bhideo a thuigsinn
    • Beachdan agus mìneachadh a thoirt seachad
    • Tuairisgeul a thoirt air stoiridh ann an bhideo agus mo bheachdan a thoirt seachad
    • Bruidhinn gun ullachadh ro-làimh mu chuspairean aig a bheil ùidh agam gu pearsanta no a’ buinneas gu beatha àbhaisteach
  • Ùghdarran: Vasiliki (Bessie) Gioldasi Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo. Ioannis Karras Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo.
  • Buidheachas: Stèidhichte air goireasan aig Ms. Marianthi Kotadaki, EFL State School Advisor of Ileia
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    Bu chòir na tidsearan a bhith eòlach air na làraich-lìn agus air cunntasan a chruthachadh gus nach bi dàil ann.

    Bu chòir dha na h-oileanaich a bhith eòlach air na goiresan TFC. Faodaidh na tidsearan an obair atharrachadh a rèir goireasan agus ùidh nan oileanaich

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Tha an leasan seo ag amas gus beachdan agus luachan a thogail. Tron obair bidh atharrachadh ann bho beachdan sealladh aig oighridh gu tuigse doimhne

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    ‘S ann stèidhichte air goireasan a tha gan cleachdadh airson trèanadh thidsearan EFL anns a’Ghreug. Tha a’ chiad tionndadh den obair seo (gun dimeinsean TBLT agus TFC) air aithneachadh mar eisimpleir de dheagh ghnè leis an Hellenic Pedagogical Institute.

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    Tha iomadh goireasan air-loidhne ann a tha furasata ri cleachdadh agus atharrachadh le tidsearan ann an suidheachaidhean teagaisg.

    Bidh tidsearan a’ fàs cleachdte le dòigh teagaisg TBLT

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Tha an obair seo a’ cleachdadh iomadh seòrsa de ghoireas air-loidhne a tha a’ toirt misneachd dha luchd-ionnsachaidh

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: Tha an leasan na trì cearcallan – (ro-obair, obair, fòcas cànain) stèidhichte air sealladh Willis & Willis a thaobh ionnsachaidh agus teagaisg

Tasks By Country