Truailleachd uisge

Additional Info

  • Ainm: Truailleachd uisge
  • Ìre CEFR: B2
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Èisteachd Sgrìobhadh labhairt
  • Ùine: 3 x 45 mionaidean
  • Cànan amais: Cànan sam bith
  • Goireasean TFC:
    YouTube air truailleachd uisge agus adhbharan
    https://www.youtube.com/watch?v=8B4yWebknXc
    faclair air loidhnehttp://dictionary.reference.com/ (3 mionaidean)
    Taisbeanadh Power Point postermywall
    goanimate
     
  • Comansan TFC: A’ cleachdadh an eadar-lìon airson fiosrachadh sònraichte A’ dèanamh postair no beò-dhealbh le postermywall no goanimate Cleachdadh fònaichean làimh airson ionnsachadh Cleachdadh faclairean air loidhe
  • Suidheachadh / tèama(n): Truailleachd uisge
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh: Eadar lion, bathar bog airson postairean no beò-dhealbhan, faclair air loidhne le mìneachadh, coimpiutair, proiseactar
  • ‘S urrainn dhomh…:

    B’ urrainn dhomh a bhith an sàs ann an conaltradh gu fileantachd a ghabh tuigsinn le luchd-fileantachd. Gabhaidh mi pàirt ann an conaltradh le cuspairean air a bheil mi eòlach

    B’urrainn dhomh tuairsgeul soilleir mionaideach a thoirt seachad air cuspairean sònraichte, a’ toirt seachd buannachd agus eas-bhuannachdan de thaghadh

    B’ urrainn dhomh teacs mionaideach a sgriobhadh ann an cuspairean eadar-dhealaichte

    B’ urrainn dhomh conaltradh fada a thuigsinn agus a leanntainn cho fad ‘s a tha mi eòlach air a’ chuspair

    B’ urrainn dhomh program a thuigsinn mu truaileachd uisge

  • Toradh: Postair no beò-dhealbh de thruailleachd uisge a’ cleachdadh TFC
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    Eadar lion, bathar bog airson postairean no beò-dhealbhan, faclair air loidhne le mìneachadh, coimpiutair, proiseactar

  • Modh-obrachaidh:

    Ro-ràdh a’ chuspair - buidheann de 4 oileanaich. Bidh duilleag a sgaoileadh (Truaillachd uisge 1) airson ceangal a dhèanamh eadar na h-abairtan agus mìneachadh. Faodaidh iad fònaichean a chleachdadh gus mìneachadh fhaclan a lorg (10 mion.)

    As dèidh freagairtean a bheachdachadh

    -       Dè an cuspair a th’ air na faclan?

    Bhideo a thaobh truailleachd uisge (Adhbhan truailleachd uisge) dà triop. Bidh oileanaich ga coimhead agus ga sgrùdadh gu dlùth (6 mionaidean)

    Briathrachas - bidh an tidsear a’ sgaoileadh cheistean gus tuisge de bhideo a mheasadh (duilleag truailleachd uisge 2) (5 mion)

    Bhideo ‘Truailleachd uisge’ da triop (2 x 3 mionaidhean) Ceistean air duilleag obrach (duilleag truaileachd uisge 3) (15 mion)

    Taisbeanadh agus deasbad - taisbeanadh mu truailleachd uisge agus deasbad mu sàbhlachadh uisge (10 mion)

    Beachdachadh - oileanaich ag obair nam buidheann gus beachdachadh postair no dealbh-beò a dhèanamh gus uisge a shabhlachadh (5 mion)

    Rannsachadh air an eadar-lìon a’ cleachdadh fònaichean gus sluagh-gairm agus dealbhan a lorg

    Luachadh tidseir - bidh an tidsear air an obair a sgrùdadh (15 mion)

    Bidh na toraidhean a thoirt seachad ann an taisbeanadh clas agus bidh na h-oileanaich a ’taghadh am fear as fhèarr

    Bidh na h-oileanaich a’ coileanadh an obair, ma bhios barrachd ùine a dhìth gabh seo cleachdadh mar obair dhachaigh (14 mion)

  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Buidheann
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Obair tron pròiseact gus faclan a chuimneachadh

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Bidh an tidsear a’ comharradh an obair a rèir frèam nàiseanta sgrùdaidh. Rinn na h-oileanaich math nuair a fhuair iad barrachd is 80%

  • Ùghdarran: Aslı Lüle, Aslı Tarakçıoğlu Ma bhios sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn no airson cleachdadh no atharrachadh an obair a bheachdachadh cuirdh brath gu Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo.
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    Ullaich na duilleagan obrach le leth-bhreacan airson gach oileanaich

    Nì cinnteach gu bheil am bhideo ag obair gu ceart air a’ coimpiutair ron chlas

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Bu chòir leth bhreac cruaidh de bheò-dhealbh no postair a bhith aig gach buidheann 

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    ‘S e obair ath-chuimneachadh agus cuimneachadh briathrachas co-cheangailte ri truailleachd uisge  a th’ann. ‘S e duilgheadas eadar-nàiseanta a th’ ann an truailleachd uisge agus bu chòir goireasan TFC an cleachdadh gus an t-suidheachadh seo a sgrùdadh

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    A’ brosnachadh tidsearan ann an cleachdadh TBLT agus CEFR ann an teagasg agus ionnsachadh agus a’ toirt goireasan TFC ann an dòighean teagaisg

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Tha an obair seo na trì pàirtean (èisetachd, sgrìobhadh, labhairt) agus gabh seo atharrachadh agus cleachdadh aig gach ìre. Cuideachd tha cleachdadh saor aig na h-oileanaich. Gabh an obair seo dèanamh le golireasan TFC eadar-dhealaichte.

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: TFC & TBLT Ìre CEFR B2

Tasks By Country