An geam as fhèarr leam

Additional Info

  • Ainm: An geam as fhèarr leam
  • Ìre CEFR: B1, B2
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Labhairt Leughadh Sgrìobhadh èisteachd
  • Cànan amais: Beurla Gearmailtis
  • Goireasean TFC:
    • Eadar-lìon, coimpiutairean le eadar-lìon airson gach com-pàirtiche, proiseactar
    • Micreofon airson toradh lahairt a chlàradh air coimpiutairean
    • Cunntas inntrigidh airson PowToon

    PowToon: http:www.powtoon.com

    Youtube airson am beò-dhealbhadh fhoillseachadh

  • Comansan TFC: A’ cleachdadh program PowToon airson beò-dhealbhadh a luachdachadh a-nuas dha Youtube A’ clàradh òraidh soilleir a’ cleachdadh micreofon coimpiutair A’ cleachdadh faclairean air-loidhne agus ag èisteachd gu dlùth gus na faclan ùra ionnsachadh
  • Suidheachadh / tèama(n): A’ cruthachadh beò-dhealbhadh gus stiùireadh a thoirt dha na cluicheadairean geama as fhèarr
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh: Bu chòir dha na h-oileanaich • stiùireadh air PowToon sa Bheurla a thuigsinn • a bhith eòlach air an eadar-lìon • comasach structaran gràmair cheart a chleachdadh airson stiùireadh PowToon agus airson an geam a chluiche • comasach faclairean air-loidhne a chleachdadh • fuaimneachadh ceart de abairtean ùra a thogail
  • ‘S urrainn dhomh…:
    • Stiùireadh furasta a thuigsinn agus a leanntainn (B1), stiùireadh mionaideach a thuigsinn agus an cur ann an gnìomh (B2)
    • an stiùireadh  simplidh agam fhèin  a chur ris a’ bheò-dhealbhadh
    • teacsa simplidh a sgrìobhadh mun geama as fhèarr leam (B1)
    • feartan bunaiteach den geama a shoillearachadh
    • faclan agus abairtean ceart a chleachdadh
    • caochladh de fhaclan-aonaidh a chleachdadh
    • gràmar ceart a chleachdadh gus stiùireadh mionaideach a thoirt seachad (B2), a’ mìneachadh gu mionaidheach ciamar a chluichear an geama as fhèarr leam
    • beò-dhealbhachadh simplidh a chruthachadh (B1)
    • beò-dhealbhachadh le stiùireadh mionaideach a chruthachadh (B2)
    • labhairt gu soilleir ann am micreofon coimpiutair
    • faclan agus abairtean airson an obair seo fhuaimneachadh
    • toirt fios air ais air na toraidhean (B1)
    • toirt fios air ais mionaideach air na lorgas mi
  • Toradh: Beò-dhealbhachadh le PowToon
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    Bu chòir dha na h-oileanaich

    • stiùireadh air PowToon sa Bheurla a thuigsinn
    • a bhith eòlach air an eadar-lìon
    • comasach structaran gràmair cheart a chleachdadh airson stiùireadh PowToon agus airson an geam a chluiche
    • comasach faclairean air-loidhne a chleachdadh
    • fuaimneachadh ceart de abairtean ùra a thogail
  • Modh-obrachaidh:

    Tidsear:

    • a’ toirt liosta de briathrachas feumail airson fios air ais cuideachail dha na h-oileanaich
    • a’ freagairt cheistean de na h-oileanaich a thaobh briathrachais

    Oileanaich

    • smaoineachadh mun ghèama as fhèarr leotha (5 mionaidean)
    • a’ cruthachadh dreachd den mhìneachadh a’ gheama as fhèarr leotha (15 mionaidhean)
    • ma dh’fhaoidte, cunntas a chruthachadh air PowToon (10 mionaidean)
    • èisteachd ri stiùireadh air loidhne gus beò-dhealbhachadh a chruthachadh (10 mionaidean)
    • cruthachadh beò-dhealbhachadh aca fhèin le stiùireadh sgrìobhte agus labhairt mìneachadh a’ ghèama (80 mionaidean)
    • foillseachadh a’ bheò-dhealbhachadh air YouTube (20 mionaidean)
    • cuir cuireadh / ceangail dha na h-oileanaich eile gus an toradh fhaicinn (5 mionaidean)

    oileanaich

    • coimhead air toraidhean nan oileanaich eile
    • taghadh trì toraidhean eile gus dhèanamh
    • ag obair ann am buidheann de 4 no 5
    • a bhith ann an conaltradh le oileanaich eile gus fiosrachadh a chur air ais
    • beachdachadh air an obair seo agus an goireasan eadar-lìon cho math ri fios air ais
    • sgrìobhadh beachdan a thaobh toraidh eile (105 mionaidean)
  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Tha na h-oileanaich nan oidean (a’ cruthachadh an beò-dhealbhachadh) agus nan cluicheadairean
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Feumaidh oileanaich

    • beachdan no fios air ais a sgrìobhadh air an obair a’ leanntainn nan stiùireadh
    • ath-sgrùdadh agus ath-pròiseas a rèir beachdan air ais agus an dreachd mu dheireadh a thaisbeanadh dhan chlas
    • briathrachas airson òrduighean a chruthachadh agus ath-sgùdadh 
  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Rinn na h-oileanaich math nuair a

    • chruthaich iad beò-dhealbhachadh stèidhichte air na sgìlean cànain aca
    • chaidh iad a thuigsinn leis na h-oileanaich eile a leann an stiùireadh airson a’ gheama
    • chuir iad fios feumail air ais dha na h-oileanaich eile gus an toradh aca a leasachadh

    Frèam measaidh air na leanas

    • stiùireadh
    • beò-dhealbhachadh
    • gèama

    (faic gu h-ìosal)

  • Ùghdarran: Christa Doil-Hartmann; Timo Marksfeld Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo.
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    Ullachadh nan coimpiutairean agus eadar-lìon

    Ma bhios trioblaidhean aig na h-oileanaich stiùireadh a thuigsinn airson PowToon, cuir duilleag simplidh sa Bheurla no ann an L1 thuca agus bidh deònach an goireas seo a mhìneachadh agus a toirt taic dha na h-oileanaich

    Cleachd an frèam gu h-ìosal gus sgrùdadh a dhèanamh air na gèamannan eadar-dhealaichte 

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Dèan cinnteach gu bheil na geamannan ag obair agus gu bheil fios air ais gu leòr ga thoirt dha gach oileachaidh a thaobh an toraidh

    Feumaidh deasbad mu dheireadh mu na dreachdan dearbhaichte a dhèanamh leis a’ chlas air fad. 

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    Dèan cinnteach gu bheil na h-oileanaich deònach gu leòr an cànan a chleachdadh ann an co-theacsa de stiùireadh gheamannan as fhèarr leotha

    The e coltach gum bi spòrs aca am beò-dhealbhachadh a dhèanamh agus na goireasan TFC a leasachadh

    Stèidhichte air beachdan air ais bho na h-oilenaich eile, faodaidh iad PowToon a chleachdadh airson suidheachaidhean no taisbeanaidhean eile

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    Faodaidh tidsearan PowToon a chleachdadh airson obair teagaisg eile, a’ cleachdadh beò-dhealbhachadh ann an teagasg air SmartBoard no Promethean no bòrd geal eile.

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Tha an obair math air sgàth ‘s gu bheil PowToon furasta ri cleachdadh airson nan oileanaich. Tha an obair seo cuideachd a bhrosnachadh sgilean cruthaicheal agus cleachdadh cànain le TFC ann an co-theacsa de CEFR.

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: Dh’fhaoidte PowToon a chleachdadh airson cuspairean eadar-dhealaichte ann an curraicealam nàiseanta m.e. beathaichean as fhèarr, spòrs agus eile. A rèir sgilean agus ìrean cànan nan oileanaich faodaidh an obair atharrachadh airson nan oileanaich nas laige gus dìreach mìneachadh goirid de gheama as fhèarr taobh a-steach a chruthachadh agus an dreachd digiteach a luachdachadh a-nuas air siostam cruthaichte leis an tidsear Faodaidh oileanaich a rinn adhartas nas motha fiolmaichean goirid no dealbhan de chur-seachadan a chur ann an aithisg sgrìobhte no blog. Mura gabh PowToon cleachdadh, faodaidh bathar-bog eile aig a bheilear eòlach ga chleachdadh. Mura gabh an eadar-lìon cleachdadh, faodar am beò-dhealbhachadh a dhèanamh aig an taigh no àite sam bith eile far an gabh bathar-bog freagrach a lorg. Bidh an ath-sgrùdadh agus an luachadh a dhèanamh mar às àbhaist, sna chlas.
  • Preferencial target age group(s): Any age group

Tasks By Country