Camara-clàraidh no no coltach comasach ìomhaighean agus fuaim a chlàradh, coimpiutar airson deasachadh, an t-Eadar-lìon airson clipart, proiseactar, cunntas YouTube
Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air a’ bhriathrachas a tha ceangailte ri goireasan ann an sgoil agus ri bun-doighean ceasnachaidh.
Bidh oileanaich air a’ chùis a dhèanamh ma choileanas iad na leanas:
Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air filmeadh agus deasachadh le camara. Bidh sgilean taisbeanaidh agus a bhith a’ co-obrachadh air leasachadh buileach.
Dh’fhaodadh gum feum na h-oileanaich cuideachadh aig an fhìor thoiseach agus dh’fhaodadh seo gabhail a-steach fianais/eisimpleir don chlas air fad den stoidhle no cruth den aithriseachd.
‘S e prìomh chomasan a th’ anns na sgilean TFC airson cleachdaidhean foghlaim, sòisealta agus co-cheangailte ri obair.
Tha an obair a’ cur feum air comasan riantach le bhith ag obair comhla ri càch.
Tha an obair seo a’ dèanamh comasach an corpachadh de TFC san t-seòmar teagaisg agus a’ brosnachadh co-obrachadh. Tha togradh oileanaich air a mheudachadh leis an leusachadh de sgilean feumail a chleachdas iad taobh a-muigh an t-seòmar teagaisg agus tron ionnsachadh fhad-beatha.
Tha an obair a’ corpachadh iomadh feart brìgheil de comasan cànain thairis air curraicealaman nàiseanta, leasachadh sgilean TFC agus co-obrachadh.
‘S urrainn don t-suitheachadh a bhith air mhion-atharrachadh, air a dhèanamh freagarrach no air a mheudachadh far a bheil e deatamach, gus am bi e freagarrach airson cuingeadan curraicealach ach fhathast a’ cumail brìghe toradh is sgilean na h-obrach. Dh’fhaodadh gum feum mion-atharraichidhean sam bith co-cheartachadh dha na h-ìrean CEFR. Gu dearbh, cha bu chòir na h-ìrean CEFR thùsail fhèin, mar a tha air a cur an cèill airson an obair seo, cuibhreachaidhean a chur air raon nan comas a tha freagarrach airson an obair. Cleachdaidh luchd-teagaisg an teòmachd phroifeiseanta aca gus na mion-atharraichidhean feumail a dhearbhadh.